Runrig - Pòg Aon Oidhche Earraich lyrics | LyricsFreak
Correct  |  Mail  |  Print  |  Vote

Pòg Aon Oidhche Earraich Lyrics

Runrig – Pòg Aon Oidhche Earraich Lyrics

An saoghal, sia uairean
Obair là ri cùl
Teaghlach gabhail dhan a' mheas
Pailteas, slàinte, is gaol
An Ruis a tuiteam sìos mu'm chluasan
An Ear Mheadhain am brot cho dorch
Is thusa, uilc is a mhuirt is a shabaid
Na mo bheatha a h-uile oidhche

Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich

An grèI'm cho teann 's àraid
Mar òrd na mo dhòrn
A' ghealach bha cho soilleir
's a gheall a leithid dhuinn
Bha sinn mar longan seòlaidh
Air cuan buidhe òg a' chridhe
Mu coinneamh clann an t-saoghail 's theaghlaich
Gun ghuth no gàire, Dia, no biadh

Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich

Cò às an dainig na reultan, thuirt mi
Cò às an dainig grian
Tha sinn cho leòinte fon na ghealach seo
Anam cràidhte seachad air ifrinn fhèin
Ach tha thusa brosnachadh nam bliadhnaichean
Le saidhbreas seachad air mo dhìth
Cho gheal ri sneachd gach uile gheamhradh
An t-òran gaoil, m'fhaoisad chiontach fhèin

Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich

Ò luaidh bu siud an gràdh
A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta
Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs
Bho pòg aon oidhche earraich
Share lyrics
×

Pòg Aon Oidhche Earraich comments