Runrig - Chì Mi 'n Geamhradh lyrics | LyricsFreak
Correct  |  Mail  |  Print  |  Vote

Chì Mi 'n Geamhradh Lyrics

Runrig – Chì Mi 'n Geamhradh Lyrics

Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith
Chan eil an sneachd fada bhuainn
Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte
Tha an oidhche a-nochd fuar

Shaoilean fhèin gur ann an-dè
Bha teas an t-samhraidh 'gar leaghadh
Fad an fheasgair air an Dùn
's tu laighe leisg ri mo thaobh

's iomadh oidhch' a rinn sinn suirghe
's iomadh oidhch' a rinn sinn gàir'
's iomadh oidhch' a bhithinn a' smaointinn
Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth

Chan fhan a' ghrian fad na bliadhna
Cha sheas an uair mar a tha I
Dh'fhalbh thusa gun a' Cheò
's dh'fhàg thu mi le mo gheamhradh

's iomadh oidhch' a rinn sinn suirghe
's iomadh oidhch' a rinn sinn gàir'
's iomadh oidhch' a bhithinn a' smaointinn
Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth

Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith
Chan eil an sneachd fada bhuainn
Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte
Tha an oidhche a-nochd fuar
Share lyrics
×

Chì Mi 'n Geamhradh comments