Runrig - Fichead Bliadhna / Na Luing Air Seòladh lyrics | LyricsFreak
Correct  |  Mail  |  Print  |  Vote

Fichead Bliadhna / Na Luing Air Seòladh Lyrics

Runrig – Fichead Bliadhna / Na Luing Air Seòladh Lyrics

Ruith 'sa mhonadh
Ruith nam beann
's mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh
'Nar clann
Aig còig bliadhna dh'aois
's gun facal beurla 'nar ceann

"Seo do leabhar
Sea do pheann
Dèan do leasan, " thuirt iad riumsa
"Is gun èirich sibh suas anns an t-saoghal
's gheibh sibh an adhart ann"

Fichead bliadhna airson fìrinn
B'fheudar dhomh feitheamh
's b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Dh'ionnsaich sinn a leithid ann
Cànan 's bàrdachd, bàrdachd Bheurla
Ceòl na Gearmailt
Eachdraidh na Spàinn
's b'e sin an eachdraidh mheallt

Bhon sgoil do'n oilthigh chaidh sinn ann
A' leantail foghlam, tuilleadh foghlam
Mar amadan air deireadh sreang
Seòrsa de dh'fhoghlam 'nam cheann

Fichead bliadhna airson fìrinn
B'fheudar dhomh feitheamh
's b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Ach dh'èirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mi deise, 's fhuair mi lèine
Fhuair mi àite ann an sùilean dhaoin
Fada bhon mhonadh mi 'n-drasd'

Carson a chùm iad eadchraidh bhuainn
Innsidh mi dhut, tha iad gealltach
Mas èirich clann nan Gàidheal suas
Le cèistean sireadh is cruaidh

Fichead bliadhna airson fìrinn
B'fheudar dhomh feitheamh
's b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Nuair a thoisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shùilean
Obair olc

Na luing air seÒLadh
Share lyrics
×

Fichead Bliadhna / Na Luing Air Seòladh comments