Runrig - Sràidean Na Roinn-Eòrpa lyrics | LyricsFreak
Correct  |  Mail  |  Print  |  Vote

Sràidean Na Roinn-Eòrpa Lyrics

Runrig – Sràidean Na Roinn-Eòrpa Lyrics

Chuir mi mo chùl ri Lunnainn
An samhradh air m'aodann
's mi air sràidean mòare na Roinn-Eòrpa
's mi le mo rùn, le m'anam, mo bhratach
Mo ghrian, mo ghealach ùare
's sheas mi 's na àiteachan a sheas m'athair
's iomadh cogadh a tha ann airson saorsa
Dà fhichead bliadhna 's an dìleab air fhàgail
Briathran do linn 's do sheorsa

Baile beag anns a' Ghearmailt
Gruagach cho bòidheach
Le sùilean làn sonas is bròn
Thuirt I "a bheil fhios agaibh fhèin,
An t-sochair 'tha agaibh?
Tha eallach eachraidh air
Mo ghuaillean cho trom"
Chrath sinn làmhan, 's dh'fhalbh I a' seinn
An dàn tha domhainn, 's gach anam de dhaoine
Dh'fhàg mi I le blas beag de mo dhùthaich
Dh'fhàg I mi leis a' chompanas ùare

Tha na brataich a' snàmh
An cuan de dhathan
Do chànan binn an cluas na Roinn-Eòrpa
Tha na sràidean beò le cainnt 's togair
Sràidean am Babel ùare
's thusa mo rùn, tha cothrom mad choinneamh
Tha do chliù air 'dhol tarsainn an cuan
Thusa tha meanbh, bi làidir, bi àlainn
Taisbean do chànan, bi buan
Share lyrics
×
Songwriters: Calum MacDonald, Rory MacDonald
Sràidean Na Roinn-Eòrpa lyrics © BMG Rights Management

LyricFind
Lyrics term of use

Sràidean Na Roinn-Eòrpa comments