Runrig - Meadhan Oidhche Air An Acairseid lyrics | LyricsFreak
Correct  |  Mail  |  Print  |  Vote

Meadhan Oidhche Air An Acairseid Lyrics

Runrig – Meadhan Oidhche Air An Acairseid Lyrics

Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x4)

Clann-nighean òg 's balaich a' bhaile
A' cruinneachadh mu bhùth Dhoilidhe
's mu bhùth Chroinns
A' coiseachd, 's a' suirghe
's a' caithris na h-oidhche

Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x2)

Tionndadh a' chlàir air ais
Na bliadhnaichean abachaidh a' ghràidh.
Am Bàgh Cuilce, Àird an Aiseig
Lag an Domhain,
Ceann a' Bhàigh.
Tionndadh a' chlàir air ais,
Meadhan oidhche,
Gealach 's gealladh.
Sheas an cruthachadh
Stòlda air rathad a' stèisean.
Sheas na eathraichean aig tàmh

Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x2)

"Bhidh sinne 's crathadh làmh againn
Is bilean blàth toirt phòg"
Cridhe bàidheil caoimhneil
Cho tairis ris an òare
An guth 's an t-sèist a' glaodhaich
"Far an robh mi 'n-raoir"
Na bliadhnaichean a' tionndadh
Briathran mòare Mhicleòid

Gealach air an acairseid
Ceatharnach na fhèileadh
"Tè bhàn, tè bhuidhe bhàn"
Mu meadhan oidhche (x10)
Share lyrics
×
Songwriters: Calum MacDonald, Rory MacDonald
Meadhan Oidhche Air An Acairseid lyrics © BMG Rights Management

LyricFind
Lyrics term of use

Meadhan Oidhche Air An Acairseid comments