top 100
·
top new
·
updates
·
submit lyrics
#
A
B
C
D
E
F
G
H
I
J
K
L
M
N
O
P
Q
R
S
T
U
V
W
X
Y
Z
Correct Pòg Aon Oidhche Earraich Lyrics
Lyrics
►
Artists: R
►
Runrig
►
Correct Pòg Aon Oidhche Earraich
Artist:
Song:
Comment:
Lyrics:
An saoghal, sia uairean Obair là ri cùl Teaghlach gabhail dhan a' mheas Pailteas, slàinte, is gaol An Ruis a tuiteam sìos mu'm chluasan An Ear Mheadhain am brot cho dorch Is thusa, uilc is a mhuirt is a shabaid Na mo bheatha a h-uile oidhche Ò luaidh bu siud an gràdh A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs Bho pòg aon oidhche earraich An grèI'm cho teann 's àraid Mar òrd na mo dhòrn A' ghealach bha cho soilleir 's a gheall a leithid dhuinn Bha sinn mar longan seòlaidh Air cuan buidhe òg a' chridhe Mu coinneamh clann an t-saoghail 's theaghlaich Gun ghuth no gàire, Dia, no biadh Ò luaidh bu siud an gràdh A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs Bho pòg aon oidhche earraich Cò às an dainig na reultan, thuirt mi Cò às an dainig grian Tha sinn cho leòinte fon na ghealach seo Anam cràidhte seachad air ifrinn fhèin Ach tha thusa brosnachadh nam bliadhnaichean Le saidhbreas seachad air mo dhìth Cho gheal ri sneachd gach uile gheamhradh An t-òran gaoil, m'fhaoisad chiontach fhèin Ò luaidh bu siud an gràdh A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs Bho pòg aon oidhche earraich Ò luaidh bu siud an gràdh A dh'fhàg mi ceangailte riut an-dràsta Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs Bho pòg aon oidhche earraich
add rows